Previous Previous

 

Tha Mi Tinn 's Mo Chridh Fo Leòn

Tha mi tinn 's mo chridh fo leòn
Mi fo bhròn an-diugh 's an-dè;
Bhon a dhealaich mi cho òg
Ris an òigh dhan d'thug mi spèis.

Mi nam shìneadh air an t-sliabh
'S mi fo iargainn na bheil uam
'S tric mo shùil a' sealltainn sìos
Far an laigh a' ghrian sa chuan.

'S truagh nach robh mi leat an-dràst'
Air an tràigh as àirde stuagh
'G èisteachd ris a chòmhradh thlàth
Aig an òigh as àille snuadh.

'S truagh nach innseadh a' ghaoth 'n iar
Nuair a thriallas i thar sàl
Ciod an dòigh a th' air mo luaidh
Bheil i smaointinn orms' an-dràst'.

Mile beannachd leat an nochd
Cadal socair dhut a luaidh
Slàn gun acaid feadh do chlèibh
Anns a' mhadainn 'g èirigh suas

 

Iain MacLachlainn (An Lighiche).