Previous Previous

Tha thìde agam eirigh


'S tha thìde agam eirigh ach a léir dhomh mo bhrogan
'S gos a léir dhomh mo bhata 's gun toir e tacan a' ròid mi
'S mi dol a shealltuinn air a' ghruagaich a bha's a' bhuaile 'na h-ònar

Ach nuair raine mi 'm baìle cha robh 'n taigh man bu chòrr dha
Bha mo ghruagach dhonn mhin-gheal 's i 'na sìneadh 's an t-seòmar
'S i 'na sìneadh f'on uinneig far nach cluinninn-s' a comhradh

'S i 'na sìneadh air deile 's 'na léine fuar reòite
Thì a chruthaich na saoghail, gléidh mi gun dol gòrach
Gléidh rium-sa mo chiall 's na leig a dh'iarraidh an còrr mi.