Previous Previous

Number Nine is now closed. We very much hope our new holiday home, Lamalum, will be open in summer 2024. 

 

 

Fhir a shiubhlas na frìthe

 

Fhir a shiubhlas na frìthe, tha thu sìor thighinn fainear dhomh
Tha mi 'g innse le fìrinn an nì rinn mo sgaradh;
Chan e gearradh an luaidhe a rinn am bualadh cho neimheil
Ach na dh'fhuirich dhem chàirdean anns a' bhlàr a bha 's t-earrach.

Tha mo chiabhag air glasadh, tha mo lethcheann air mùthadh
Tha mo shùilean a' sileadh, tha mo chridhe bochd, brùite;
Len a dh'fhuirich dhem chàirdean 's an làr 'n deach a rùsgadh
'S e mheudaich mo chràdh gun fhios co chàraich an ùir orr'.

Chan eil diùc ann an Albainn no gu dearbh ann a Sasainn
Nach iarradh an òigear deas òg bhith na mhac dha;
Ann an toiseach do thìme ghlac thu inntinn bha beachdail
Bha thu foghainteach, rìoghail, bha thu dìleas bha 'n aidmheil.

Ach sguiridh mise gar 'n iomradh no idir gar 'n àireamh
Bhon a chaill mi na gibhtean nach tig gu latha bràth
'S ged a thigeadh Rìgh Seumas 's a dh'èighear gach sràid e
Ann an deireadh gach cùmailt, bidh mo chùis-sa mar tha e.